Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Tagraidhean Riaghlaidh

Tha croitean agus fearann ionaltraidh nan stòras a tha luachmhor a bu chòir a bhith ri fhaotainn an dà chuid aig an àm seo agus san àm ri teachd, le croitearan a th’ ann mar-thà agus le croitearan ùra, airson a chleachdadh ann an dòigh tharbhach.

Gus atharrachaidhean a dhèanamh air a’ chroit aca, tha aig croitearan ri tagraidhean riaghlaidh a chur a-steach gu Coimisean na Croitearachd airson cead air sin a dhèanamh. Tha Coimisean na Croitearachd a’ cur fàilte air na foirmean tagraidh sin a bhith air an lìonadh ann an Gàidhlig.

 

  •  Dèan cinnteach an e neach-gabhail a th’ annad air neo croitear-seilbhe. Faigh amach tro ROC Air-loidhne https://www.crofting.scotland.gov.uk/register-of-crofts
  •  A bheil an fhoirm tagraidh cheart agad? Ma tha teagamh sam bith agad, cuir fios thugainn.
  •  Ma ghabhas e a dhèanamh, cuir na pàipearan uile thugainn ann an cruth pdf.

Feuch NACH cuir thu pàipearan thugainn anns a bheil fiosrachadh pearsanta no dìomhair m.e. Teisteanas Bàis, Tiomnaidhean, clàran meidigeach, is eile.

 

Feumaidh a’ mhòr-chuid de thagraidhean riaghlaidh a bhith air am foillseachadh gu poblach leis an tagraiche. Is iad          a-mhàin di-chroitidhean pàirt- no làn-croite, croitean ùra agus fearann ionaltraidh ùr a tha air an sanasachadh le Coimisean na Croitearachd, nach fheum sin a dhèanamh.

 

Thoir sùil air làrach-lìn Chlàran Alba airson mion-fhiosrachadh mu chlàradh: Who should register, and when - RoS Knowledge Base

  • Chan eil Fo-ghabhailean agus Gabhailean Geàrr-amail a’ piobrachadh a’ phròiseis clàraidh oir nach e eadar-gluasad maireannach a th’ annta.

 

 

© Crofting Commission 2021Site MapSite by Plexus.